Posts

Showing posts from December, 2022

D.M.N.C. agus na Raiders

Image
  B’ e ùghdar Gàidhlig lèirsinneach, tuigseach a bh’ ann an D.M.N.C. (Dòmhnall Mac na Ceàrdaich).   Bha an sgrìobhadair Barrach seo ag obair ann an Dùn Èideann ann an 1908 nuair a chaidh Raiders Bhatarsaigh an cur don phrìosan sa bhàile.   Bha Mac na Ceàrdaich – neo Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh mar a chanas sinn ris - a’ cur a làn thaic ri Raiders Bhatarsaigh.   Bha e san èisteachd sa Chuirt, mar eisimpleir, nuair a chaidh na Raiders an cur don ‘Calton Gaol’.   Chanadh cuid gun e sgrìobhadair poilitigeach a bh’ ann an D.M.N.C, ged a bha iomadh taobh air a’ chuid sgrìobhaidh.   Bha beachdan susbainteach 'radaigeach' aige mu dheidhinn ceist an fhearainn.   Nan robh e air a bhith beò san là an-diugh, 's cinnteach gu robh e air a bhith an-sàs, neo fiù 's os cionn, Misneachd.  B' e "Dùisg!" a thuirt Mac na Ceàrdaich ris na Gàidheil ann an aon dhe na dàin aige. Tha iomradh làidir air D.M.N.C. anns an leabhar ùr seo, Bhatarsaigh agus na Raiders...

Ùghdaran Bhatarsaigh agus na Raiders

Image