LÈIRMHEAS - BHATARSAIGH AGUS NA RAIDERS

 AONGHAS PÀDRAIG CAIMBEUL

 1/3


 

 

 


WEST HIGHLAND FREE PRESS - AM PÀIPEAR BEAG

Bhuannaich Aonghas Pàdraig Caimbeul Duais 'Neachd-sgrìobhaidh Gàidhlig na Bliadhna' aig Duaisean nam Meadhanan an Inbhir Nis ann an 2023, agus bha an lèirmheas seo mar phàirt den fhianais do na britheamhan.   Seo pàirt a h-aon à trì gu h-ìseal (tuilleadh ri thighinn anns na mìosan a tha romhainn). Beachd mionaideach bho Aonghais Phàdraig air an leabhar, agus na cuspairean ceangailte ris.

BHATARSAIGH AGUS NA RAIDERS  - LÈIRMHEAS  (PÀIRT A H-AON À TRÌ)

Tha leabhar beag grinn ùr air nochdadh a mholainn dhuibh uile fhaighinn agus a leughadh: ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’, air a sgrìobhadh le Lisa Storey, le caibideal air poileataics an ama bho Aonghas MacLeòid (mac Christine Chaluim an Dot) a bhuineas do Bharraigh agus Inbhir Nis, ach a tha a’ fuireach ann an Glaschu.

Buinidh Lisa Storey fhèin do Bhatarsaigh ged a thàinig a cuideachd bho thùs à Eilean Mhiughalaigh. Thairis nam bliadhnachan tha Lisa (Lisaidh Dhonnchaidh Mhòir) air an t-uamhas a dhèanamh dhan Ghàidhlig, eadar foghlam is foillseachadh is eile, agus i làn-airidh air gach urram. Cha b’e cheannach a rinn i, nuair a leughas tu mu ghaisgealachd muinntir Bhatarsaigh (is Bharraigh is Mhiughalaigh) anns an leabhar mhisneachail seo.

Tha iomadh rud tarraingeach agus taitneach mun leabhar ùr seo. Tha an sgrìobhadh soilleir agus nàdarra ged nach biodh ann ach an dòigh snog anns a bheil ainmeam teaghlaich nan daoine  (na sloinnidhean) air an cleachdadh seach dìreach na h-ainmein ‘foirmeil’ a chaidh a thoirt dhuinn nuair a chaidh ar clàradh leis an stàite agus nuair a chaidh sinn dhan sgoil!

Tha an leabhar gu sònraichte mu dheidhinn na Land Raiders a thug a mach pìosan fearainn ann a’ Bhatarasaigh (agus a fhuair am prìosan air a shon) airson nan daoine agus an ath ghinealach, ach tha e cuideachd mu dheidhinn coimhearsnachd is strì is poileataics is cànan is creideamh is cor is cumhachd nam boireannaich.

Anns a’ chiad àite tha an leabhar ann an Gàidhlig, agus tha sin fìor chudromach, oir mar a tha Lisa fhèin ga chuir anns an fhacal-toisich, “Ged a tha rud neo dhà againn ann an sgrìobhadh mu dheidhinn Eilean Bhatarsaigh, ’s ann am Beurla a tha a’ mhòr-chuid dhe na stuthan. Mar thè a rugadh agus a thogadh san eilean, far an robh Gàidhlig ga bruidhinn a h-uile latha agus anns a h-uile suidheachadh, bha mi a’ faireachdainn gun robh e cudromach pàirt de stòiridh an eilein seo innse ann am prìomh chànain nan daoine fhèin. Anns an leabhar seo tha mi a’ dèanamh oidhirp sin a dhèanamh.”

Agus ’s i a rinn, gu snasail, soirbheachail.*

* Ri leantainn... (a’ chiad phàirt de trì - leirmheas - an dàrna pàirt ri thighinn sa Chèitean 2023)

Copyright @ West Highland Free Press agus Aonghas Pàdraig Caimbeul

Comments

Popular posts from this blog

Gnothach eadar-nàiseanta - international