Ùghdaran Bhatarsaigh agus na Raiders
Lisa Storey – fiosrachadh goirid
Tha Lisa (Lisy Dhonnchaidh Mhòir) à Bhatarsaigh. Rugadh agus thogadh i ann. Bha a h-athair na ‘raider’ (chaidh e don phrìosan ann an Dùn Èideann an 1908, còmhla ri naoinear eile) agus tha beagan eòlais aice air cuspair an leabhair ceangailte ris a' bhlog seo.
Nuair
a bha i ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba anns na 1960an, bhiodh i a'
dol dhachaigh agus bha i an-sàs ann an clàraidhean le muinntir an àite
leithid Nan Eachainn (neo Nan NicFhionghuin mar a chanas feadhainn rithe). 'S e 'endogenous research' a tha cuid a' toirt air a seo.
Tha Lisa air grunn leabhraichean a sgrìobhadh agus tha i air a bhith an-sàs ann am foillseachadh airson iomadach bliadhna.
Mar eisimpleir, bha i os cionn CLÀR, companaidh foillseachaidh Gàidhlig, eadar 1996-2021 (25 bliadhna). Rinn iad grunn leabhraichean. Tha Lisa air sgur aig CLÀR a-nis - tha iad air dealachadh gu càirdeil - ach tha i fhathast an luib Leabhraichean Beaga (stèidhichte 1986) agus Clò Phabaigh (2022).
Am measg na leabhraichean a rinn
i thar nam bliadhnachan, chuir i ri chèile D.M.N.C.: sgrìobhaidhean Dhòmhnall Mhic na Ceàrdaich (CLÀR,
2014) agus sgrìobh i Muinntir Mhiughalaigh (CLÀR, 2007).
'S i bha a’ teagasg an Inbhir Nis aig an toiseach (agus a' strì gus sgoil Ghàidhlig fhaighinn) nuair a chaidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chur air dòigh an Inbhir Nis agus Glaschu an 1985.
Eadar
2014-2018, bha i an luib iomairt strì gaidhlig-tv, ceangailte ri
Gàidhlig agus BBC ALBA - a' feuchainn ri cur às do na fo-thiotalan
Beurla loisgte agus a' strì gus barrachd Gàidhlig fhaicinn - agus a
chluinntinn - anns na prògraman. Bha leithid Aonghas Dubh MacNeacail,
Aonghas Pàdraig Caimbeul, Tove Skutnabb-Kangas, Robert Phillipson, Ishi
NicIlleathain agus Robbie Anndra MacLeòid an-sàs ann còmhla rithe.
Tha Lisa a’ fuireach an Inbhir Nis.
Aonghas MacLeòid – fiosrachadh goirid
Buinidh Aonghas MacLeòid do dh’Inbhir Nis agus Barraigh (mac Christine Chaluim a Dot). Choisinn Aonghas dotaireachd aig Oilthigh Ghlaschu air dàin fada ann am bàrdachd an 20mh Linn. Rinn e rannsachadh cuideachd air an sgrìobhadair Barrach Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (D.M.N.C.) mar phàirt den cheum maighstireachd aige.
Tha ùidh mhòr aig Aonghas ann an litreachas, poilitigs agus eachdraidh. Thòisich e bhith ag obair ann am poilitigs ann an 2007, agus tha e fhathast ag obair mar rannsaichear agus neach-taic sgìreil. Bha e na Rùnaire Nàiseanta air Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba bho 2016-2020.
Ged a chaidh a thogail air Tìr-Mòr bha e tric a' tadhail air a chàirdean ann an Àird Mhòr agus Bruairnis. Tha e air a bhith na neach-taic don deasaichear air an iris cliùitich Èireannaich Irish Pages.
Tha Aonghas a’ fuireach ann an
Glaschu.
Comments
Post a Comment