D.M.N.C. agus na Raiders
B’ e ùghdar Gàidhlig lèirsinneach, tuigseach a bh’ ann an D.M.N.C. (Dòmhnall Mac na Ceàrdaich). Bha an sgrìobhadair Barrach seo ag obair ann an Dùn Èideann ann an 1908 nuair a chaidh Raiders Bhatarsaigh an cur don phrìosan sa bhàile. Bha Mac na Ceàrdaich – neo Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh mar a chanas sinn ris - a’ cur a làn thaic ri Raiders Bhatarsaigh. Bha e san èisteachd sa Chuirt, mar eisimpleir, nuair a chaidh na Raiders an cur don ‘Calton Gaol’. Chanadh cuid gun e sgrìobhadair poilitigeach a bh’ ann an D.M.N.C, ged a bha iomadh taobh air a’ chuid sgrìobhaidh. Bha beachdan susbainteach 'radaigeach' aige mu dheidhinn ceist an fhearainn. Nan robh e air a bhith beò san là an-diugh, 's cinnteach gu robh e air a bhith an-sàs, neo fiù 's os cionn, Misneachd. B' e "Dùisg!" a thuirt Mac na Ceàrdaich ris na Gàidheil ann an aon dhe na dàin aige. Tha iomradh làidir air D.M.N.C. anns an leabhar ùr seo, Bhatarsaigh agus na Raiders . Tha