Posts

Showing posts from April, 2023

LÈIRMHEAS - BHATARSAIGH AGUS NA RAIDERS

Image
  AONGHAS PÀDRAIG CAIMBEUL  1/3       WEST HIGHLAND FREE PRESS - AM PÀIPEAR BEAG Bhuannaich Aonghas Pàdraig Caimbeul Duais 'Neachd-sgrìobhaidh Gàidhlig na Bliadhna' aig Duaisean nam Meadhanan an Inbhir Nis ann an 2023, agus bha an lèirmheas seo mar phàirt den fhianais do na britheamhan.   Seo pàirt a h-aon à trì gu h-ìseal (tuilleadh ri thighinn anns na mìosan a tha romhainn). Beachd mionaideach bho Aonghais Phàdraig air an leabhar, agus na cuspairean ceangailte ris. BHATARSAIGH AGUS NA RAIDERS  - LÈIRMHEAS  (PÀIRT A H-AON À TRÌ) Tha leabhar beag grinn ùr air nochdadh a mholainn dhuibh uile fhaighinn agus a leughadh: ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’, air a sgrìobhadh le Lisa Storey, le caibideal air poileataics an ama bho Aonghas MacLeòid (mac Christine Chaluim an Dot) a bhuineas do Bharraigh agus Inbhir Nis, ach a tha a’ fuireach ann an Glaschu. Buinidh Lisa Storey fhèin do Bhatarsaigh ged a thàinig a cuideachd bho thùs à Eilean Mhiughalaigh. Thairis nam bliadhnachan tha Lisa