D.M.N.C. agus na Raiders

 


B’ e ùghdar Gàidhlig lèirsinneach, tuigseach a bh’ ann an D.M.N.C. (Dòmhnall Mac na Ceàrdaich).  

Bha an sgrìobhadair Barrach seo ag obair ann an Dùn Èideann ann an 1908 nuair a chaidh Raiders Bhatarsaigh an cur don phrìosan sa bhàile.  Bha Mac na Ceàrdaich – neo Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh mar a chanas sinn ris - a’ cur a làn thaic ri Raiders Bhatarsaigh.  Bha e san èisteachd sa Chuirt, mar eisimpleir, nuair a chaidh na Raiders an cur don ‘Calton Gaol’. 

Chanadh cuid gun e sgrìobhadair poilitigeach a bh’ ann an D.M.N.C, ged a bha iomadh taobh air a’ chuid sgrìobhaidh.  Bha beachdan susbainteach 'radaigeach' aige mu dheidhinn ceist an fhearainn.  Nan robh e air a bhith beò san là an-diugh, 's cinnteach gu robh e air a bhith an-sàs, neo fiù 's os cionn, Misneachd.  B' e "Dùisg!" a thuirt Mac na Ceàrdaich ris na Gàidheil ann an aon dhe na dàin aige.

Tha iomradh làidir air D.M.N.C. anns an leabhar ùr seo, Bhatarsaigh agus na Raiders.  Tha Aonghas MacLeòid, aon dhe na sgrìobhadairean anns an leabhar, na eòlaiche air obair Mhic na Ceàrdaich.  Tha Aonghas air tuilleadh a sgrìobhadh mu dheidhinn ann an leabhar eile,  D.M.N.C: Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich, foillsichte le CLÀR, air a dheasachadh le Lisa Storey.

Cluinnear an guth àlainn ach Claire Frances NicNèill a’ gabhail ‘Coitearan Bhatarsaigh’  (neo Coitearan 'Bhatarsaidh', ann an litreachaidh Mhic na Ceàrdaich), aon dhe na h-òrain a sgrìobh D.M.N.C, an seo.

Tha beachdan Mhic na Ceàrdaich ceangailte ri strì an fhearainn cudromach. An dùil a bheil leasain aige dhuinn san 21mh Linn?

 

Comments

Popular posts from this blog

Gnothach eadar-nàiseanta - international

LÈIRMHEAS - BHATARSAIGH AGUS NA RAIDERS