Posts

Showing posts with the label Gàidhlig

LÈIRMHEAS - BHATARSAIGH AGUS NA RAIDERS

Image
  AONGHAS PÀDRAIG CAIMBEUL  1/3       WEST HIGHLAND FREE PRESS - AM PÀIPEAR BEAG Bhuannaich Aonghas Pàdraig Caimbeul Duais 'Neachd-sgrìobhaidh Gàidhlig na Bliadhna' aig Duaisean nam Meadhanan an Inbhir Nis ann an 2023, agus bha an lèirmheas seo mar phàirt den fhianais do na britheamhan.   Seo pàirt a h-aon à trì gu h-ìseal (tuilleadh ri thighinn anns na mìosan a tha romhainn). Beachd mionaideach bho Aonghais Phàdraig air an leabhar, agus na cuspairean ceangailte ris. BHATARSAIGH AGUS NA RAIDERS  - LÈIRMHEAS  (PÀIRT A H-AON À TRÌ) Tha leabhar beag grinn ùr air nochdadh a mholainn dhuibh uile fhaighinn agus a leughadh: ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’, air a sgrìobhadh le Lisa Storey, le caibideal air poileataics an ama bho Aonghas MacLeòid (mac Christine Chaluim an Dot) a bhuineas do Bharraigh agus Inbhir Nis, ach a tha a’ fuireach ann an Glaschu. Buinidh Lisa Storey fhèin do Bhatarsaigh ged a thàinig a cuideachd bho thùs à Eilean Mhiughalaig...

D.M.N.C. agus na Raiders

Image
  B’ e ùghdar Gàidhlig lèirsinneach, tuigseach a bh’ ann an D.M.N.C. (Dòmhnall Mac na Ceàrdaich).   Bha an sgrìobhadair Barrach seo ag obair ann an Dùn Èideann ann an 1908 nuair a chaidh Raiders Bhatarsaigh an cur don phrìosan sa bhàile.   Bha Mac na Ceàrdaich – neo Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh mar a chanas sinn ris - a’ cur a làn thaic ri Raiders Bhatarsaigh.   Bha e san èisteachd sa Chuirt, mar eisimpleir, nuair a chaidh na Raiders an cur don ‘Calton Gaol’.   Chanadh cuid gun e sgrìobhadair poilitigeach a bh’ ann an D.M.N.C, ged a bha iomadh taobh air a’ chuid sgrìobhaidh.   Bha beachdan susbainteach 'radaigeach' aige mu dheidhinn ceist an fhearainn.   Nan robh e air a bhith beò san là an-diugh, 's cinnteach gu robh e air a bhith an-sàs, neo fiù 's os cionn, Misneachd.  B' e "Dùisg!" a thuirt Mac na Ceàrdaich ris na Gàidheil ann an aon dhe na dàin aige. Tha iomradh làidir air D.M.N.C. anns an leabhar ùr seo, Bhatarsaigh agus na Raiders...

Ùghdaran Bhatarsaigh agus na Raiders

Image
 

Leabhar ri fhaighinn

Image
2023 - càite am faigh mi an leabhar ùr seo? Ri cheannach an-dràsta bho:  Clò Phabaigh, am foillsichear (òrdain 'First Class' sa phost): https://bhatarsaigh.bigcartel.com Bùth Bharraigh - anns a' bhùth neo air-loidhne  https://www.buthbharraigh.co.uk/product-page/bhatarsaigh-agus-na-raiders Ceòlas Uibhist - anns a' bhùth neo air-loidhne https://www.ceolas.co.uk/product/bhatarsaigh-agus-na-raiders/   An Taigh-Cèilidh ann an Steòrnabhagh https://en-gb.facebook.com/taighceilidh/ Bùth SMO, an t-Eilean Sgitheanach https://www.smo.uhi.ac.uk    Cuiribh fios gu Sabhal Mòr Ostaig aig: fios@smo.uhi.ac.uk Comhairle nan Leabhraichean. Agus deagh àiteachan eile. Bhatarsaigh agus na Raiders. ISBN 978-18384484-1-7, 2023  Sgrìobhte agus deasaichte le Lisa Storey agus Aonghas MacLeòid.   Eòghan a' Bhàilidh agus D.M.N.C. cuideachd. Clò Phabaigh, 85 pages, pàipear. www.bhatarsaigh.com 

Gnothach eadar-nàiseanta - international

Image
Beagan fiosrachaidh, mar thoiseach-toiseachaidh air a' bhloga seo, do dhaoine aig nach eil Gàidhlig: Bhatarsaigh agus na Raiders How much do we value our island communities around the world? Most people provide a fairly positive response to such a question.  Politicians and leaders are often strident in their enthusiasm: "Yes, of course, island communities matter."   But how successfully do our well-meaning approaches translate into action?   How effective, for example, are local and central government efforts in  promoting long-term island sustainability?  How are minoritised languages affected? Are we going about our efforts in the right way?   The international challenges for island communities in the 21st Century are significant.  As the scholars John E. Hay, Donald L. Forbes and Nobuo Mimura suggest "global change in a variety of forms impinges directly or indirectly on the environment and sustainability of these island communities." T...